Còd: 004402
Ìre 4: £17,503 - £20,172

Thèid thu an sàs ann an obair aig àrd-ìre co-cheangailte ris a’ phròiseact, Corpas na Gàidhlig, a tha mar phàirt den phròiseact Dàta airson Stòras na Gàidhlig. Togaidh na pròiseactan seo a’ bhunait theacsail airson a’ phròiseict eadar-oilthighe Faclair na Gàidhlig. Bidh e mar dhleastanas ort teacsaichean Gàidhlig a dhidseatadh le goireas OCR, teacsaichean a sganadh, a dheasachadh is a sheòrsachadh. Bidh agat ri beagan siubhail a dhèanamh gus tadhal air tasglannan, leithid Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann.

Bu chòir deagh cheum ann an Gàidhlig a bhith agad agus bu chòir gun robh thu air a bhith ag obair ann an àrainneachd Ghàidhlig ron a seo. Tha e riatanach gum biodh tuigse mhionaideach agad air litreachadh na Gàidhlig agus eòlas agad air: pasganan coimpiutaireachd agus a bhith ag obair le giollachd-teacsa, cliath-dhuilleagan agus stòir-dhàta. Feumaidh sàr sgilean conaltraidh, eadar-phearsanta agus taisbeanaidh a bhith agad agus feumaidh tu a bhith comasach air an ùine agad a stiùireadh ann an dòigh èifeachdach agus cumail ri cinn-uidhe is cinn-ama.

Ceann-latha:  8 Lùnastal 2013.

Tha Oilthigh Ghlaschu an geall air co-ionannachd a thaobh chothroman fastaidh.

Oilthigh Ghlaschu, àireamh carthannais SC004401

Job Reference:   004402
Closing Date:     08-Aug-2013


First published: 24 July 2013

<< 2014