Tha clàradh fosgailte a-nis

airson 'Gu dè a th’ ann an Alba?: Ath-nuadhachaidhean agus Ceanglaichean'! 
Co-labhairt iar-cheumnach 2-latha air a ruith le oileanaich, airson oileanaich - tha sinn a' coimhead air adhart ri ur faicinn uile ann! 

Ceann-latha: 23-24 Cèitean

Àite: 1A the Square, Oilthigh Ghlaschu, agus Air-loidhne

Thig còmhla rinn airson dà latha de thaisbeanaidhean le iar-cheumnaich a tha stèidhte an Glaschu agus a tha a’ rùrachadh chuspairean aig tùs Eòlas na h-Alba. Thig còmhla rinn gus ceangal a dhèanadh ri luchd-rannsachaidh eile agus gus cnuasachadh air modhan-obrach eadar-chuspaireil agus ioma-chuspaireil ann an Eòlas na h-Alba is na Ceiltis. ’S e cothrom air leth a bhios ann an seo beachdan fhaotainn air do chuid rannsachaidh o luchd-rannsachaidh a tha aig an dearbh ìre aig a bheil thu fhèin agus nas àirde, iar-cheumnaich air cùrsaichean rannsachaidh agus teagaisg, luchd-rannsachaidh iar-dhotaireil agus luchd-rannsachaidh tràth-ìreach nam measg.

Glèidh d’ àite