A project to develop an international world-leading framework for the teaching and learning of Scottish Gaelic is being launched at the Universities of Glasgow and Aberdeen. The project is part of the Soillse research network, the National Research Network for the maintenance and revitalisation of Gaelic language and culture.

The project, Comasan Labhairt ann an Gàidhlig (CLAG) / Gaelic Adult Proficiency (GAP), will ensure that Gaelic adult learners are provided with a crucial resource on par with those for other European languages, including English, Dutch, and Irish. 

CLAG is linked to the Common European Framework of Reference for Languages (CEFR), and will describe proficiency scales in Gaelic from beginner to advanced level. It willalso be used by language teachers and learners alike to gauge language learning and ability in spoken Gaelic. 

The framework will help to maximise the number of Gaelic learners reaching fluency by providing clear learning targets, and helping them identify areas in which their spoken Gaelic skills can be improvedIt will also be aligned with existing Scottish Qualifications Authority qualifications, and will draw on a wealth of research previously conducted for Gaelic and other European languages.

Led by Professor Roibeard Ó Maolalaigh and Nicola Carty, both from the University of Glasgow, and members of Soillse at the University of Aberdeen, Dr. Michelle Macleod and Dr. Marsaili MacLeod, the project will run for three years, supported by the Scottish Funding Council and Bòrd na Gàidhlig. 

Rob Ó Maolalaigh, Professor of Gaelic at the University of Glasgow said: ‘CLAG will be the first empirically derived framework to provide an objective means of describing Gaelic spoken language skills and will provide a much-needed scientific framework upon which new effective pedagogical resources can be created.’

Michelle Macleod, Senior Lecturer in Gaelic and Soillse Co-Director at The University of Aberdeen said: ‘We are delighted to be working with colleagues in the University of Glasgow on this exciting research project and are grateful to the Scottish Funding Council and Bòrd na Gàidhlig for their support.  This new project builds on the existing knowledge-base of the Gaelic adult learner sector in the Soillse network and will have significant impact for adult learners and teachers of Gaelic.’

Bòrd na Gàidhlig said: ‘Information is currently being sought from learners on their needs to support them on their journey to Gaelic fluency, which will inform this project and future projects. Discussions with learners and tutors have indicated the need for developing such a resource which will help with forward planning of classes and allow learners to engage in self-assessment of language skills. The resource will sit within a suite of resources envisaged in the strategy currently being developed by the Bòrd and other national partners.’

Media enquiries: nick.wade@glasgow.ac.uk / (+44) 0141 330 7126


Prìomh-ghoireas ùr airson measadh agus leudachadh comasan labhairt  sa Ghàidhlig

Thathar a’ cur air bhog pròiseact airson frèam-obrach eadar-nàiseanta ùr airson teagasg agus ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba aig Oilthighean Ghlaschu agus Obair Dheathain. Tha am pròiseact na phàirt de lìonra rannsachaidh Shoillse, Lìonra Nàiseanta an rannsachaidh airson glèidheadh agus ath-bheothachadh na Gàidhlig.

Bidh am pròiseact, Comasan Labhairt ann an Gàidhlig (CLAG), a’ dèanamh cinnteach gum faigh luchd-ionnsachaidh inbheach na Gàidhlig goireas deatamach, coltach riutha sin airson cànain Eòrpach eile, leithid Beurla, Duitsis, agus Gàidhlig na h-Èireann.

Tha CLAG ceangailte ris an Fhrèam-obrach Choitcheann Eòrpach airson Rannsachadh Cànain /  Common European Framework of References for Languages (CEFR), agus bidh am pròiseact a’ mìneachadh chlàran-tomhais sa Ghàidhlig bho ìre luchd-tòiseachaidh gu ruige ìre adhartach. Thèid a chleachdadh cuideachd le luchd-teagaisg cànain agus luchd-ionnsachaidh gus measadh a dhèanamh air ionnsachadh cànain agus comasan ann an labhairt na Gàidhlig.

Cuiridh am frèam-obrach ri àrdachadh anns an àireamh de luchd-ionnsachaidh a bhios a’ ruighinn fileantachd tro a bhith solarachadh amasan ionnsachaidh soilleir, agus a thaobh aithneachadh raointean far an tèid an cuid labhairt sa Ghàidhlig a neartachadh.  Bidh e cuideachd ga chruthachadh a-rèir teisteanasan làthaireach Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba, agus a’ tarraing air a’ phailteas rannsachaidh a tha ann airson Gàidhlig agus cànain Eòrpach eile

Ga stiùireadh leis an Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh agus Nicola Carty bho Oilthigh Ghlaschu, agus buill Shoillse aig Oilthigh Obair Dheathain, An Dr  Michelle NicLeòid agus An Dr Marsaili NicLeòid, bidh am pròiseact a’ ruith airson trì bliadhna, le taic bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

Thubhairt Rob Ó Maolalaigh, Ollamh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu: ‘ ’S e CLAG a’ chiad fhrèam-obrach stèidhichte air eòlas agus rannsachadh a bhios a’ solarachadh dòigh chothromach airson cunntas a thoirt air comasan labhairt sa Ghàidhlig. Bithear a’ solarachadh frèam-obrach saidheansail air a bheil feum mòr, agus air an tèid goireasan ùra, èifeachdach airson foghlam a chruthachadh.’

Thubhairt Michelle NicLeòid, Àrd-òraidiche na Gàidhlig agus Co-stiùiriche Shoillse aig Oilthigh Obair Dheathain: ‘Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri co-obraichean aig Oilthigh Ghlaschu air a’ phròiseact rannsachaidh ùr seo agus tha sinn taingeil do Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig airson an cuid taic. Tha am pròiseact ùr seo a’ togail air a’ bhun-stèidh eòlais làthaireach mu roinn an luchd-ionnsachaidh inbheach ann an lìonra Shoillse agus bidh buaidh shònraichte aige airson luchd-ionnsachaidh inbheach agus luchd-teagaisg na Gàidhlig.’

Thubhairt Bòrd na Gàidhlig: ‘Thathar an dràsta a’ sireadh fiosrachadh bho luchd-ionnsachaidh mu na feumalachdan aca air an slighe gu fileantachd sa Ghàidhlig, agus cuiridh seo ris a’ phròiseact seo agus pròiseactan eile san àm ri teachd. Tha còmhraidhean le luchd-ionnsachaidh agus luchd-teagaisg air sealltainn gu bheil feum air leithid a ghoireas a bhios a’ cuideachadh le dealbhachadh chlasaichean agus a’ toirt cothrom do luchd-ionnsachaidh an sgilean cànain fhèin a mheasadh. Bidh an goireas ann am buidheann ghoireasan a tha an-dràsta fo leasachadh ann an ro-innleachd Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean nàiseanta eile.’

Fiosrachadh Mheadhanan: nick.wade@glasgow.ac.uk / (+44) 0141 330 7126

First published: 11 November 2014