THE HUNTERIAN POEMS
feasgar samhraidh
(do Dhaibhidh A MacDhòmhnaill)
mar a rachadh sinn, clann na dùthcha,
mach as a bhaile-mhór, air feasgar àrd
samhraidh, gus am b’urrainn dhuinn
anail ghlan a tharrainn, eadar nan coca,
agus cuimhne ghiùlain leinn air liuthad
eallach a chuir lùb anns an druim òg
anns an t-sealladh seo, agus an t-soillse
mar sgàilean sioda thar na h-àrainn, tha
blas na gréine drùdhadh do smuaintean
air na làithean ud, a’ deoghail nan cràdh
as an sgeul, gun ri fhaicinn ach buaidh
fhàis agus buain, seach an t-seann chairt
na h-adagan, ’n an sreathan bàna, direach,
próiseil, agus deiseil (theireadh cuid) airson
ruighle gun ghluasad, ri fonn fann (is dòcha)
na h-oiteig thlàth, air an ùrlar fada gorm –
ann am fasgadh nan craobh, na taibhsean
nach fhaicear, làn-shona, nan còsan fhéin
Aonghas MacNeacail
David Abercrombie Donaldson, Landscape outside Glasgow, 1954 - 1956.
Find out more via our online catalogue.