Bruich is Bruidhinn
Published: 9 September 2020
Seisean cocaireachd le Ramsay MacMhathain - deagh bhiadh is deagh chòmhradh beò air Zoom!
BRUICH IS BRUIDHINN LE RAMSAY MACMHATHAIN
Bliadhna rud beag eadar-dhealaichte a bhios ann an 20-21 agus tha sin a' ciallachadh tachartasan eadar-dhealaichte cuideachd.
- An do thog sibh ùidh ann an cocaireachd tron glasadh idir?
- A bheil sibh a' sireadh reasabaidhean ùr agus beagan brosnachaidh gus dìnnearan snog a dhèanamh, (nuair nach eil airgead agaibh son Dominoes tuilleadh)...?
Seo agaibh an tachartas ma thà!! Tha Ramsay MacMhathain gu math measail air deagh bhiadh is deagh chòmhradh is e gu bhith sa chidsin aige fhèin agus ag innse mar a nì sibh aon de na dìnnearan as fheàrr leis - uile beò air Zoom!
- Nach tig sibh air loidhne agus dèan beagan cocaireachd còmhla ris?
Airson barrachd fios air na tha dhith agus mar a nì sibh clàradh, faic Eventbrite.
First published: 9 September 2020
CEANGAL EVENTBRITE - (Ri thighinn)
An tachartas seo air a mhaoineachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.